vendredi 27 octobre 2017

Glaschu agus Rèabhlaid na Ruise. 
Sealladh Harry McShane (1978).
A’ Ghàidhlig le Tòmas MacAilpein (2017).
Litreachas a' chlas-obrach air a thrusadh, 
agus air a chur ann an Gàidhlig

Dhomhsa, b’ e an strì an aghaidh a’ chogaidh a bu chudromaiche do na sòisealaich. Bha mi a’ cur taic ris a’ ghluasad ghnìomhachail, ach dh’fheumte seasamh ri uabhas a’ chogaidh an toiseach: bha sinn a’ guidhe agus beò an dòchas gun rachadh againn air iomairt a chruthachadh a chuireadh stad air. Thug strì Iain MhicGhillEathain togail cridhe dhuinn; agus nuair a chaidh sgrìobhainn Zimmerwald a chur an clò a-rithist ann am Breatann, anns an tàinig Lenin agus càch a-mach an aghaidh a’ chogaidh, bha ar dòchas air a dhùsgadh às ùr. Cha robh sinne, ge-tà, ach ag amas air crìoch a chur air a’ chogadh. Cha tàinig e a-steach oirnn rèabhlaid a thogail a-mach às a’ chogadh. Dh’atharraich Rèabhlaid na Ruise ar saoghal gu lèir.
________________________