mercredi 30 avril 2014

Laoidh Nach Eil do Lenin


LAOIDH NACH EIL DO LENIN 

A Dhia-chailèideasgoip
beò-dhathan dian-loisgeach

uile-ghlòrmhorachd
na chaoir-bhuidealaich

solas dreòsach neo-bhàsmhor
a’ spreadhadh tro phriosm nan dùl

bogha-frois drìlseach na shìneadh
bho bhith-bhuantachd gu bith-bhuantachd

sàr-iomlanachd sheachd-fhillte
sìorraidheachd shruth-shoillseach

rinneadh na h-uile dhathan leat agus às
d’ aonais cha d’rinneadh aon dath a rinneadh

leatsa dathan a’ chosmais

na solais-bhliadhnachan gu lèir mar
phlathadh-seòid d’ fhàinne-lùdaig

leatsa dathan na talmhainn

Niagara a’ tàirneachadh san oidhche
is tuil-sholais oirre

driùchd drìlseach sa mhadainn
air chrith air lìon damhan-allaidh

leatsa dathan an dannsa
fir-chlis is stròb-sholais

leatsa dathan a’ ghaoil
coinfèati air sìoda geal

leatsa dathan a’ ghàire
cleasan-teine is sùilean-cloinne

leatsa speictream na beatha
leatsa a-mhàin

‘s leinne an dubh-aigeann
ma dhùnas Tu do rosgan 
_____________________

A' Mheanbhchuileag (3)

A' Mheanbhchuileag (3)
le Fearghas MacFhionnlaigh

English HERE
Ceart gu leòr,
can gu robh thu beò is saor;
agus can gu robh a' Ghàidhlig as ùr nad bheul.

An dèanar ceartas led shaorsa?
Am bruidhnear fìrinn led chànain?
No an cuireadh tusa sgreamh oirnn
mar a rinn urracha mòra Sasainn?

Chunnaic mi aon-chòrnach geal
a' gluasad gu tuisleach suas
Sràid Sauchiehall.

Nam b' e Meisias a bh'annam
thogainn Alba eadhon o na mairbh;
ach chan eil a' ghaoth no an fhairge umhail dhòmhsa;
is nan seasainn air beulaibh uaigh mo dhùthcha
cha bhiodh i a' carachadh
ged a bhruidhninn rithe sa Ghàidhlig fhèin.

Oir tha mi na glacan, blàtha no fuara,
agus thèid mo mhùchadh le a marbhphaisg.

Chan e Atlas a th' annam;
chan eil air mo ghuailnean ach mo cheann.
Chan urrainn dhomh an saoghal a thogail.
Chan urrainn dhomh Alba a thogail.
Agus leis an fhìrinn innse, is ann air èiginn uaireannan
a thogas mi mo cheann.

Ach saoil ma thogas mi beagan mo cheann
nach tog mi beagan Alba?
Agus ann an togail beagan Alba
nach tog mi beagan an saoghal?

Co-dhiù no co-dheth, is mise a tha fann,
agus is e seo a-rèist mo dhubh-cheist -
mairidh mi so-leònta
mura faigh mi smachd air mo bhodhaig 's air mo dhùthaich;
mura faigh mi smachd air a' phlanaid 's air a' chosmas;
mura faigh mi smachd air a h-uile atam is moileciuil sa chruinne-cè;
MURA TÈID MI NAM DHIA.

Ach nach e seasamh Nietzsche bha seo?
- Is LEAMSA an rioghachd, an cumhachd, a' ghlòir!
Feumaidh sinn uile bhith mar Atlas,
nar seasamh casa-gobhlach os cionn uaigh Dhè
is na nèamhan air ar guailnean;
(ged a bha an straidhn cus airson Nietzsche fhèin
's chaidh a phronnadh mar Shamson fo sprùilleach an Teampaill).

Ach tha fhios nach eil rùm san domhan airson còrr is aon Atlas,
oir is e mo shaorsa do dhaorsa
is do shaorsa mo dhaorsa.
Feumaidh sinn sabaid a-rèist mar Thìotanaich
airson ceannais, agus mus bi fios againn,
siod a h-uile atam a' strì los a' chruinne-cè a shlugadh,
oir bidh eagal a chridhe air a h-uile nì roimh bhàsmhorachd.

Chan e Tìotanach a th' annamsa.
Chan eil annam ach muirteachd
air m' iomadan ann an cuan gun chladach;
agus nuair a bheanas mi ri creig sam bith
thèid i na cuairt-shlugan fam chomhair.

Feumaidh sinn a' chreag a thaghadh
a nì ar slugadh.

Ach seo againn cnag na cùise  -
gus so-leòntachd a sheachnadh
feumaidh mi dol nam làn dheachdaire;
agus air sgàth sàbhailteachd an deachdaire
feumar saorsa àicheadh do chàch.

Nach b' e seo an aon loidig a bh' aig Alasdair Mòr,
Napoleon, Hiotlair, Stàilinn?
(Tha iadsan marbh an-dràsta;
cha robh am bàs co-dhiù fo smachd aca.
Bha an fhòid tuilleadh 's trom air an son.)

Nach b'e seo reusonachadh Shasainn ìmpireil?
(Ach Alba, cha robh leisgeul agadsa
airson do chuid chìocrais-fala.
Is e hitman na h-ìmpireachd a bh' annadsa;
Nad Fhaust poilitigeach 
a' reic d' anama gus cumhachd a bhlasad.

Ach nas miosa na sin 
is ann gus cumhachd a sheachnadh
a reiceas tu d' anam an-dràsta!
Seòrsa siùrsach na Roinn Eòrpa thu a-nis,
led mhascara gorm is chraos dearg-smeurte
is làmh dhèirc-iarrtasach sìnte a-mach,
gun cuimhn' agad idir, a-rèir coltais,
gun robh thu uair nad òigh 's nad bhanrigh?

Agus cha chreid mi nach bi am fèin-fhìreanachadh ceudna
aig ìmpireachdan ri teachd.
(Gidheadh ma ghabhas os-choimpiutair Machiavellianach
os làimh an cruinne-cè, binndichear gun teagamh
eanchainn mhallaichte ri h-ùine
le trombòis sileaconach air choreigin -
oir cha bhi eantropaidh co-dhiù fo smachd aige.)

Choimhead mi suas a-rithist.
Bha a' mheanbhchuileag ri strì fhathast
agus an damhan-allaidh a' sìor thighinn nas fhaisge.
Meanbhchuileag shuarach ri strì airson beatha.
So-leòntachd agus cumhachd.
Dòigh nàdair.

Chunnaic mi damhan-allaidh mòr
a' snìomh lìn am measg nan reultan.
Bha i airson nam planaid a ghlacadh mar chuileagan na h-eige.
B' ise Reusantachas.

Chunnaic mi faoileag chreucht' ag èirigh à coire stoirmeil
is a' sabaid an aghaidh na gaoithe.
is lìon a sgriach an cruinne-cè.
B' ise Bitheileas.

Chunnaic mi a' ghrian a' fàs mar thelebhisean
is gnùis Meidiùsa air an sgàilean;
's rinneadh luchd-àiteachaidh nam planaid uile nan clach.
B' ise Uile-smachdachas.

Agus nach b' e seo peacadh mòr an t-Satain  -
an oidhirp làn-chumhachd is làn-shaorsa a ghlacadh;
gu bhith na ionad co-sheasaimh nan uile nithean;
gu bhith na chuspair-adhraidh fhèin?

Bha e airson soillseachadh mar a' ghrian am measg nam planaid,
agus is ann mar ghrian a-rèist a bhàsaicheas e -
ag at le àrdan na athach dearg,
a' spreadhadh na smùrach mar reul os-nòbhach,
agus a' crùbadh air a' cheann thall na tholl dubh spioradail;
na chuairt-shlugan cìocrach a' glutadh nan uile nithean;
na dhìosganach cosmach a' deoghail a-steach an t-solais fhèin.

Is e Lúicifir an Soillsichear a bh' ann,
mus do thuit e mar dhealanach o nèamh
gu bhith Apoilion an Sgriosadair,
na aingeal an dubh-aigeinn.

Bha na seann Ghreugaich ceàrr:
cha d' rinneadh Nairciseas na fhlùr idir
ach na vàimpir.

Agus nach robh an dearbh mhearachd aig Adhamh  -
dìmeas a dhèanamh air fo-ùghdarras;
sannt aige air tighearnas gun dleastanas;
gu bhith na phrìomh-shamhla an àite an fhaileis;
gu bhith na fhacal an àite a' mhic-thalla;
gu bhith na ghrian an àite na gealaich;
gu bhith a priori an àite a posteriori?

Chualas facal,
agus ghrad-leum an solas às an dorchadas
mar bhradan à glomag;
b' e ciad mhadainn na cruinne-cè.

Chualas facal eile
agus shàthtadh lòchran ann an soitheach crèadha;
b' e ciad mhadainn mhic-an-duine.

Facal agus solas.
Trompaid agus lòchran.
Chaidh fear-cuir a-mach a chur a shìl,
agus b' e an sìol Facal Dhè,
agus b' e ainm an t-sìl -
Adhamh.

Feuch, dh'fhàs an òigh-thalamh trom,
agu rug i mac,
agur mar ainm air thug i
Adhamh.

Adhamh
na shìol-lide
air a ghinideachadh
ann an laraing na talmhainn.
___________
Earrann [1]  [2]  [4]  [5]

mardi 15 avril 2014

Brian Ó Conchubhair: Fin de Siècle na Gaeilge

Obair ealaíne an chlúdaigh: 'Low Tide' le Paul Henry
Fin de Siècle na Gaeilge
Brian Ó Conchubhair

"Is saothar ceannródaíoch é Fin de Siècle na Gaeilge a dhéanann mionléamh íogair, idirdhisciplíneach ar stair intleachtúil dhioscúrsa na Gaeilge sa tréimhse sin idir deireadh an naoú haois déag agus tús an fichú haois ar a dtugtar an fin de siècle. Mínítear anseo an chaoi a ndeachaigh an fin de siècle Eorpach i bhfeidhm go smior ar Athbheochan na Gaeilge agus an chaoi ar mhúnlaigh tuiscintí conspóideacha Charles Darwin idir idé-eolaíocht, chultúr, theanga agus litríocht í. Tugtar mórthéamaí na linne - meathlú, díothú ciníocha, meascadh agus truailliú fola agus cros-síolrú - chun solais i dtéarmaí na Gaeilge trí anailís a dhéanamh ar chonspóidí móra na hAthbheochana: an cló, na canúintí, an litriú, an ghramadach agus an t-úrscéal."

Ollamh cúnta i Roinn Theanga agus Litríocht na Gaeilge, Ollscoil Notre Dame, é Brian Ó Conchubhair agus is comhalta d'Institiúid Mhic Eochaidh-Uí Neachtain um an Léann Éireannach é. Bhí sé ina eagarthóir ar Gearrscéalta Ár Linne (CIC, 2006), Why Irish? Irish Language and Literature in Academia (Arlen House, 2008) mar aon le mórán alt acadúil in irisí éagsúla.

Ghnóthaigh an leabhar seo an chéad duais do shaothar próis i gComórtas an Oireachtais 2009, maoinithe ag Oireachtas na Gaeilge.

___________________________

lundi 14 avril 2014

A' Mheanbhchuileag (2)

A' Mheanbhchuileag (2)
le Fearghas MacFhionnlaigh
English HERE

Cha robh mi ann. Tha mi ann. Cha bhi mi ann.
ls guth eadar dà shàmhchair siorraidh mi.
Facal.
ls e seo na th' annainn uile -
creutairean balbha gun ach aon fhacal ri labhairt
agus sin uair a-mhàin.

Facal gach neach.
Facal solais no facal dorchadais.

Saoil is dòcha gum biomaid na bu shona mar ainmhidhean,
gun chainnt is gun mhiotasan.
neo-fhiosrach air na rionnagan,
air àm a chaidh  no àm ri teachd?

Chan eil sìorraidheachd a' cur dragh air inntinn beathaich.
Chan eil aithreachas aige a thaobh na rinn e
no eagal air a thaobh breitheanas ri tighinn.
Is ann an-diugh a tha e beò, daonnan an-diugh.
Mar Dia ann an dòigh.

Agus nuair a thig am bàs gu ainmhidh
thig e a-nis
gun cus fulangais;
chan ann idir mar fhulangas duine
agus esan a' coimhead air a' bhàs bho fhad às
mar linne dorchadais
air taobh thall tunail de sholas.

Esan a' dlùthachadh ris
mar sheòladair-fànais a dh'ionnsaigh thuill dhuibh,
ga mhion-sgrùdadh is ga mhallachadh
ach a' dol fhathast na ghlacan fuara.

Chan eil so-leòntachd ann mar sho-leòntachd mhic-an-duine,
a bheatha a' grad-chlisgeadh
mar lasadair ann an taigh-dhealbh,
mar sgriach ann an eaglais.

An robh e mar cheist air beathach riamh
carson a bha e ann,
no carson a bha am bàs ann?

Dorchadas. Solas. Dorchadas.
A' bheatha mar thrèana tighinn a-mach à tunail
is a' dol na deann a-steach do thunail eile.
A' bheatha mar dà rèile co-cheangailte.
larann is fiodh.

A' bheatha mar dhrochaid os cionn dubh-aigeinn, 
eadar dà thunail. "Seall na  beanntan, 
cho brèagha 's a tha iad
cho mòrail, òrach anns a' ghrèin!
Seall an t-eas àrd airgeadach ud,
is bogha-frois snog aig a' bhonn!
Ach seall a-nis tunail dorch eile a' tighinn..."
A' bheatha mar dhà dhris co-shnìomhte.
Subhag is dealg.
Sonas is pian.

Ach saoil am blasar mìlseachd dha-rìribh
gun bhlas an tòiseach air searbhas?
An dèidh sin 's na dhèidh, bha blas maith is uilc
co-mheasgte san aon mheas air craoibh na beatha.

Uime sin nach bi a' mhothalachd as mìne
agus am fulangas as doimhne daonnan san aon neach?
Nach robh crùn droighnich air ceann Chriosd?

Mur eil duine so-leònta, bidh e mì-chneasta.
Na ròbot.
Beò gun deò.
Gruaidh chruaidh.
Bil' uachdair rag.
Na fhear gun fhaireachdainn.
As aonais cràidh, as aonais àigh.
Stòigeach. Et tu Brute?
Craiceann cloiche ga dhìonadh o lasraichean an t-saoghail;
ga dhìonadh cuideachd o mhìn-bheantainn a' ghaoil.
Mar cheann mòr Eilein na Càisge,
a' spleuchdadh air na speuran;
ag adhradh Meidiùsa.

Faisg air an taigh againn tha carragh aosta ann.
is torc air a ghearradh oirre le Cruithneach ealanta air choreigin.
Is gann gun gabh an torc fhaicinn a-nis.
Ach saoil a bheil an torc air druim na cloiche
no a bheil a' chlach air druim an tuirc?

Chuir an Riaghaltas cèids daingeann
tìmcheall air a' charraigh.
Saoil a bheil an cèids a' dìonadh an tuirc bhuainn
no gar dìonadh-ne bhon torc?

Alba, ar leam gur samhladh dhìots' am beathach tha seo.
Thagh thu ciomachas san t-sutha Shasannaich
gus so-leòntachd a sheachnadh.
Ach dhearbh thu thu fhèin cho dìleas
's gun deach do leigeil mu sgaoil mar chù-chaorach
(no an ann mar dhòbarman a bha e?)

Dhian-ruith thu air feadh an t-saoghail
a' comhartaich 's a' nochdadh d' fhiaclan
's tu a' sìor èisteachd ri fead do chìobair.
ls iomadh beathach a shaod thu air ais dhan t-Sutha Mhòir,
dìreach mar chaora gu fang airson lomairt.

Ach nach tu fhèin a bha borb.
Cha chreid mi gu bheil ainmhidh air a' phlanaid
gun chomharra d' fhiaclan geura air a thòin,
Aye, is e bonny fechter dha-rìribh a bh' annadsa.

Ach is ann a' fàs aost an-dràsta a tha fear-coimhead an Sutha,
agus tha na cèidsichean a' tuiteam às a chèile le meirgeadh.
Thàr às cha mhòr a h-uile ball-taisbeanaidh ach thusa fhèin.
Bha thu riamh dìleas.

Ach is dòcha gu bheil beagan faiteis ort fa chomhair saorsa,
fa chomhair saoghail as aonais feadaireachd ìmpireil.
Seadh, is mòr a chaidh an Sutha a dholaidh an-dràsta;
funtainn fuachd a' gheamhraidh gad bheantainn tre do chèids.

Tha reòdhadh a' nochdadh a-nis air do dhruim,
deigh a' bhàis gad phasgadh mar chraiceann cloiche.

AM FEAR A DHIÙLTAS SO-LEÒNTACHD,
THÈID E NA CHLACH!

Chan  eil ann ach roghnachadh eadar teine is deigh.
Tha ar planaid fhèin mion-chothromaicht' eadar teine is deigh.
Alba, chan eil ann air do shonsa ach teine no deigh.
ls saorsa teine. ls daorsa deigh.

Dh'amhairc mi
is chunnaic mi aon-chòrnach geal
ri cruinnleum thar na Roinn Eòrpa.
Is ann coltach ri Enbarr nan Dè Danann a bha i.
Bu dealanach a sùil,
bu tàirneanach a cas;
ach shlaod i slabhraidh.

Dh'amhairc mi
is chunnaic mi air seachran i ann an coille mhòr
is an t-slabhraidh aice an sàs ann am freumh daraich.
Chnàmh a caoineadh mo chridhe mar shearbhaig,
agus bha a sùil ri mo shùil-sa
mar sgàthan ri sgàthan.

Dh'amhairc mi
is chunnaic mi aon-chòrnach geal
air droch sheasamh chas
air Sràid Sauchiehall.

Tha an saoghal na ghàrradh,
tha Alba na flùr,
tha mise nam bhileag
a' tuiteam.

Tha an saoghal na choille,
tha Alba na craoibh,
tha mise nam dhuilleag
thioram.

Tha an saoghal na ghailleann,
tha Alba na gealbhonn,
tha mise nam iteag
a' tuiteam.

Saoil am faicear
earrach ùr
no am mair gu sìor
an geamhradh?

Agus cionnas a bhios aithne agam
an ann beò no marbh a tha mo dhùthaich?
An do chaochail i is dòcha o chionn mìle bliadhna?
No an ann mar bhodhaig air leabaidh ospadail a tha i
- air a cumail beò air èiginn le tiùb is uèir,
fuil sna cuislean,
ogsaidean sna sgamhanan,
ach eanchainn a tha marbh.

Is mathaid gur ann an còma buan a tha i,
mar Leibhiatan eadar-dhà-lionn ann an cuan coimheach,
is an t-Albannach mar Iònas na broinn!
Alba mar chairbh ichteosoir a' grodadh
air grunnd na mara gus an deoghalar
gu tur a fuil dhubh bhreun
leis na corra-mhialan mòra iarainn.

___________
Earrann [1]  [3]  [4]  [5]

samedi 5 avril 2014

A' Mheanbhchuileag (1)


A' Mheanbhchuileag (1)
le Fearghas MacFhionnlaigh
English HERE | Gaeilge ANSEO  RÉAMHRÁ

Bha mi nam shuidhe uair a' leughadh aig bòrd 
nuair a mhothaich mi lìon damhain-allaidh
air taobh a-muigh na h-uinneige 
agus meanbhchuileag ri strì innte. 
Choimhead mi fhads a nochd an damhan-allaidh. 
Chaidh mi air ais gu m' leabhar.
Nach b'e dòigh nàdair sin? 
Meanbhchuileag agus damhan-allaidh air lìn. 
So-leòntachd agus cumhachd snìomhte le chèile. 
Ach chuir e dragh orm.

Tha e a' cur dragh orm 
gu bheil a' mhòrchuid den t-saoghal fo shàl, 
is leth an latha fo dhorchadas, 
is luisreadh an dà Mhul fo dheigh, 
is Macchu Picchu na thobhta, 
is an dodo air dol à bith, 
is iom-tharraing a' cur spàirn ruinn, 
is an treas cuid de ar beatha air caitheamh ann an suain, 
is dà thrian de ar n-eanchainn à feum, 
is cidhis na cruinne-cè air sleamhnachadh 
a chum nach eil co-chothram ann eadar bòichead is fìrinn, 
is breugan a' cnàmhadh ar planaid mar ghithean an corp cait, 
is gu bheil a leithid de rud ann idir ris an abrar bàs, 
a chum gur buaine cnàmhan na eanchainn 
is plastaig na gaol.

lnnsidh mi seo dhut - 
chan e Atlas a th' annam; 
chan urrainn dhomh an saoghal a ghiùlan. 
Chan eil annam ach atam air druim an domhain, 
ri strì eadar fisean is fiùisean.

Tha e a' cur dragh orm 
a' faicinn dùthaich a' dol fodha 
mar chaisteal-gainmhich fon làn, 
is cànain air tilgeil uainn 
mar bhratach phàipeir ghlas,
 's weltanschauung air dearmad 
mar aisling-latha fhaoin, 
is eachdraidh air dol à fianais 
mar lorg-coise cloinne air an tràigh.

lnnsidh mi seo dhut - 
chan e Fionn a th' annam; 
chan urrainn dhomh mo dhùthaich a ghiùlan. 
Chan eil annam ach cealla am bodhaig Albainn, 
ri strì a bhith nam chealla-eanchainn.

Tha mi beag is tha eagal orm roimh rudan beaga: 
a' chealla aillseach a sgriosas bodhaig,
am facal òinseach a sgriosas gaol, 
am bonn-airgid a reiceas rìoghachd,
an t-atam sgoilt a sgriosas Hioroisimea, 
a' vìoras nimheil, am peilear nàimhdeil,
mearachd ann an inntinn feallsanaich.

Dh'ionnsaich mi rud - 
tha mi bàsmhor; 
is dòcha gun tig a-màireach as m' aonais.

Bu toigh leam a bhith mar Mhaois, 
a' sgrìobhadh bhriathran Dhè; 
ach bhriseadh clàr-cloiche 
am peann plastaig agam. 
Agus a bharrachd air sin 
chan eil preas loisgeach agamsa 
mar choinneil.

Bu toigh leam a bhith mar Argas, 
a' coimhead air an domhan le ceud sùil; 
ach tha an iunaibhears ro àibheiseach dhomh. 
Gidheadh mur faic mi a h-uile nì 
cionnas a bhios cinnt agam air nì sam bith? 
Nach fheum eanchainn an cruinne shlugadh 
mus bi i fallain?

Uaireannan 
chì mi nithean a' tighinn beò 
is a' dol nan ceò; 
a' binndeachadh,
a' leaghadh.

Èist ri srann nan ataman!

A bheil iad ann far an robh iad? 
Am mair iad far a bheil iad? 
Eil fhios cò bhitheas annad sa mhadainn?

Dè cho daingeann 's a tha iarann? 
Dè cho buan 's a tha inntinn? 
An dèan thu faileas anns a' ghrèin?

lnnsidh mi seo dhuit - 
chan fhaighear cinnt 
ach ann am preas loisgeach.

Am bi mi beò a-màireach? 
An robh mi beò riamh? 
Tha mi taingeil gun do shlìob mi cat.

Thuirt Giacometti uair 
nan robh teine ann an ealainlann 
gun teasraigeadh esan cat roimh Rembrandt. 
Na dhuine glic. 
Cha sgriach peantadh sna lasraichean.

Bha cat againn fhèin a fhuair bàs.
Tha fhios nach eil e iomchaidh 
a bhith a' caoidh chait nuair a bhios
crith-thalmhainn an Sìona, 
is tuiltean sa Bhangla Deis, 
is gort feadh leth 'n t-saoghail.

Ach bha cat againn a fhuair bàs. 
Agus bha gràdh againn air. 

Thuirt C S Lewis uair
air sgàth cràdh losgainn 
gum bitheadh e na b'fheàrr 
mur an robh iunaibhears ann. 
Na dhuine cneasda. 
Ach tha cruinne-cè ann, 
is tha lasraichean ann, 
is tha so-leòntachd ann, 
is feumaidh sinn teicheadh on losgadh.

O chionn bliadhna no dhà 
bha taisbeantas siùbhlach sa Ghearmailt 
aig ealantair Ameireaganach. 
An àiteigin eadar gailearaidhean 
chaidh a' vana san robh na deilbh far an rathaid 
agus chaidh a chuid pheantaireachd a mhilleadh sna lasraichean. 
Obair deich blianna. Caillte.

Rinn peantair eile, Sasannach, 
dealbh gach latha fad bliadhna 
air cuspair an lnferno aig Dante. 
Cha mhòr nach robh iadsan uile sgriost' 
ann an teine san taigh-tasgaidh!

'Und Alles Sein ist flammend Leid'
sin agad na sgrìobh am peantair Franz Marc 
air cùlaibh chanabhais. 
'Agus 's e cràdh lasrach a' Bhith gu lèir'.

Nach faca tu riamh na h-eòin mhiotailteach ud 
ag iadhadh thar fàire 
is mòran uighean miotailteach nam broinn, 
trom le puinnsean, an impis breith?

Tha e cho doirbh na lasraichean a sheachnadh. 
Saoil carson a tha e cho mòr nas fhasa 
nithean a sgriosadh na beagan sìobhaltachd a thogail? 
Nach robh Eilean Ì bochd cho so-leònta
fa chomhair nan Lochlannach? 
Lasraichean. Lasraichean.

Bha Maois ceart. 
Bu chòir do sgrìobhadair sgrìobhadh air cloich!

ls dòcha gum bu chòir do luchd-ealain uile obair ann an cloich. 
Is e sin mas ann an tòir air neo-bhàsmhorachd a tha iad.

Nach neònach e na h-uiread de ealantairean meadhon-linnteach 
nach do chuir an ainmean ris an obair aca?
An ann dìreach nach robh iad ag obair airson an glòir fhèin 
ach a-mhàin airson na Fìrinne? 
An ann is dòcha cuideachd nach robh mì-chinnt 
aca a thaobh neo-bhàsmhorachd?
Bha Dia eòlach air na h-ainmean aca is bha sin gu leòr. 
Cò aig tha fios, ach a-rèir coltais 
is ann ri leasachadh chinne-daonna a dh'obraich iad 
an àite fèin-spèis.

Cuiridh e càmpar ormsa uaireannan 
ma thig cuideigin a chèilidh orm 
is mi trang ri mo chuid sgrìobhaidh luachmhoir. 
Ach gu dè luach ealain idir 
mur toir e beairteas do dhaoine eile? 
Nach e seo am peacadh as motha - 
obair ar làmhan fhèin a dh'adhradh, 
agus ìobairtean daonna a dhèanamh ri ar dia?

Ann an dòigh, ar leam, bhàsaich an seann luchd-ealain a bha sin 
air sgàth na coimhearsnachdan aca. 
Fios aca gum maireadh iad beò a chaoidh nan cuid obrach.

Ach dè ma bhàsaicheas mi mus dèan mi dad? 
Chan e Budach a th'annam idir. 
Nuair a rachas mi a-steach dhan uisge 
b'fheàrr leam tonn beag no dhà fhàgail!
_________
Earrann [2]  [3]  [4]  [5]