mardi 25 mars 2014

Zen agus Alt an Eipisteimeòlais Chàilbhinich (1)

Hokusai: "36 Seallaidhean de Bheinn Fuji"
Zen agus Alt an Eipisteimeòlais Chàilbhinich
  le Fearghas MacFhionnlaigh
1. Ro-Ràdh
2. Zen Fhèin
3. Di-ghreimeachadh
4. Cur-an-Gnìomh
5. Nàdar
6. Pàtran
7. Uachdaranachd Dhè
8. Pòlarasan agus Paradocsan
9. Herman Dooyeweerd agus Uachdaranchd-Raoin
10. Air ais dhan Nàdar
11. Bàrdachd-Nàdair Thràth sa Ghàidhlig 
12. Fèin-fhiosrachadh Eipisteimeòlach 
13. Eileachd Amh agus Neo-nitheachd
14. Eadar Dà Chuthach
15. Uisge Reòta
16. Sa Cho-dhùnadh...


1. Ro-Ràdh

Ailein chòir,

    Duilich gu robh mi cho fada gun sgrìobhadh air ais. Thàinig gnothach no dhà sa rathad orm, agus cha b'urrainn dhomh do cheist a thaobh Zen agus Càilbhineas a fhreagairt co-dhiù gun na h-uibhir de chnuasachadh. Fhads a tha mi air a bhi a' sgrìobhadh, thàinig e a-steach orm gur dòcha gum biodh ùidh aig daoine eile sa chùis seo. Mar sin (led chead) dh'fhaodainn lebhreac a thoirt seachad dhaibh. (Gun teagamh chan e feòrachas a-mhain, ach iomagain, a bhios aig cuid, 's mi a-mach air cuspair mar seo.) Is ann air sàilleibh seo a bhios an teacs a' fàs mean air mhean nas mi-phearsanta. Agus a bhios mi a-rèir coltais a' feuchainn ri Van Til agus Dooyeweerd a mhìneachadh dhut, nuair a tha thu mar-thà nas mion-eòlaiche air an obair na tha mise. Mo leisgeulan airson nan nithean seo. 

Mar as àbhaist tha mi gabhail iongantais ri farsaingeachd do chuid leughaidh! Tha fhios gu bheil mi air bòrd led mhì-fhoighidinn ri linn leiteachas MhicDhiarmaid, Shomhairle (agus mòrchuid a' ghinealaich litreachail Albannaich ud) ri Sòibhiatas. Tha mi cuideachd ag aontachadh le na chanas tu mu "post tenebras lux". Bha mi a' leughadh an diugh sa mhadainn bho Salm 139  -
"Ma their mi, Gu deimhinn falaichidh an dorchadas mi, bidh an oidhche fhèin mar sholas mun cuairt orm. Chan fhalaich eadhon an dorchadas uatsa, ach dealraichidh an oidhche mar an là; is ionann an dorchadas agus an solas dhutsa". (11,12)
Thug thu tarraing dhan earrann "Rinn E gach nì maiseach na àm fhèin". Bhon is e Càilbhineach a th'annam, mar a tha annad fhèin, tha mi aomte gu bhith gabhail ris an abairt ud. Ach is e claidheamh nam chridhe a th'ann fhathast. Tha mi dìreach air ionnsachadh gu bheil an caractar Sìonach airson "fulaing"/'seas" (忍 rěn) a' sealltainn lann sgine (刃 rèn) os cionn, no an sàs ann an, cridhe (心 xīn). Ma thogas sinn pàipear-naidheachd, no ma bheir sinn sùil air nàidheachdan an TBh, no ma thadhlas sinn air ospadal-cloinne, cuiridh sin fhèin bacadh air aonta grad ris na faclan seo. Ma tha an earrann seo de Sgriobtar fìor idir (agus gu dearbh ma tha "àrd-uachdaranachd" Dhè dha-rìribh fìor), cha ghabh a thuigsinn gun smaoineachadh nas doimhne nas àbhaist. Tha e doirbh gu leòr a bhith feuchainn ri flaitheas Dhè fhaicinn is aideachadh an teis-mheadhon cruaidh-chàs pearsanta no eadar-nàiseanta. Is cinnteach mar sin gur e ceum ro fhada buileach a th'ann a bhith cantainn gu bheil a leithid "maiseach" ann an dòigh sam bith.

Rannsaich mi tùs-Eabhra an fhacail a chaidh eadar-theangachadh leis an fhacal "maiseach" an seo. 
Is e "yapheh" יפה a th'ann. A rèir coltais is e "maiseach" dha-rìribh gnàth-chiall a' bhriathair seo, ach tha claonadh cuideachd aige a dh'ionnsaidh "math" agus "sàr-". Mar seo, canaidh Fraingis a' Bìobaill Louis Segond: "Il fait toute chose bonne en son temps". Chan eil mi cinnteach, ge-tà, gu bheil seo a' toirt mòran cobhair dhomh. Tha an Tionndadh Stannartach Ameireaganach nas fhasa a bhith gabhail ris. Canaidh e: "He has made everything appropriate in its time". Anns an t-Seachtód (an Septuagint), cleachdar "kalos" airson "maiseach". An dearbh fhacal a chleachdas Crìosd mu dhèidhinn fhèin agus mun bhàs Aige, nuair a chanas E "Is Mise am buachaille math (ο καλος): leigidh am buachaille math (ο καλος) a anam sìos airson nan caorach" (Eòin 10:11). Sa Ghreugais Chlasaigeach tha "kalos" a' ciallachadh "maiseach", agus cuideachd: "uasal", "ionmholta".  Air mo shonsa dheth (ged nach eil e a' fuasgladh gach duilgheadais) tha a' chiall as cuideachail am measg na tha seo uile:"le deagh bhuil no rùn na chois" ("serving a good end or purpose")(Greek-English Lexicon, Liddle, Scott, after Passow).

Nise (mas urrainn dhut cumail ris a' mhìneachadh fhacal-fhreumhail a tha seo rud beag nas fhaide!), bhon a tha ùidh agam anns an t-Sìnis thug mi sùil air a' chànan ud cuideachd. Ann an Eclesiastes tha Eabhra "yapheh" eadar-theangaichte leis a' charactar airson "maiseach" (美 měi) agus an caractar airson "math" (好 hǎo) an lùib a chèile. Còmhla ri chèile, a rèir coltais, is urrainn dha na caractaran seo (美好 měi hǎo) a bhith ciallachadh "OK", "ceart gu leòr". Is dòcha gu bheil sin na chuideachadh eile dhomh gu ìre. 

Nuair a thàinig e dham chuimhne gu bheil an caractar Sìneach airson "maiseach" (美 měi) a' toirt tarraing gu "caora", bha fadachd orm rannsachach co-dhiù am biodh an Sìnis (maraon ris a' Ghreugais) a' cleachdadh an aon bhriathar ann an Eclesiastes 3:11 ("Rinn E gach nì maiseach na àm fhèin") agus ann an Eòin 10:11, earrann a tha toirt tarraing dhan "Bhuachaille Mhath". Ach cha robh. Ann an Eòin thathar a' cleachdadh an gnàth-bhriathar Sìneach airson "math" - 好 hǎo (caractar stèite air dealbh boireannach agus leanaibh). An do chaill an luchd-tionndaidh Sìneach cothrom a-thaobh a' cheangail "maiseach" a tha seo? Is dòcha nach eil raon-cèille farsaing gu leòr aig 美 měi gu bhith gabhail a-steach an dà cho-theacs. Tha fhios gum biodh trioblaid aig an fhacal Beurla "beautiful" fhèin a bhith gabhail a-steach an dà chèill.

A-thaobh na Gàidhlig dheth ("Rinn E gach nì maiseach na àm fhèin", agus "Is Mise am buachaille math: leigidh am buachaille math a anam sìos airson nan caorach") tha Faclair MhicBheathainn gu dearbh ag ràdh gur dòcha gu bheil co-freumh aig "maiseach" agus "math". Ach cha tigeadh ceangal sam bith fa-near dha neach-labhairt Gàidhlig an là 'n diugh. 

Tha Bìoball Gaeilge Ma Nuad a' gabhail taobh an Tionndaidh Stannartaich Ameireaganaich airson Eclesiastes:
"Gach uile ní a dhéanann Dia, oireann sé dá thráth féin" (Cóheilit 3:11) ("Gach nì a nì Dia, tha e iomchaidh gu a àm fhèin")
Agus airson Eòin 10:11, tha a' Ghaeilge ag ràdh:
"Mise an sáraoire, Tugann an sáraoire a bheatha ar son a chaorach"("sáraoire" = "sàr-bhuachaille")
Is toigh leam an ro-leasachan ud "sár". Ma dh'fhaoite gur e co-thuiteamas a th'ann, ach tha mac-talla ann dhe na faclan Eabhra Bìoballach "sar שר" ("flath"/ "prionnsa") and "zer זר" (fuaimnichte "zar"), a' ciallachadh "crùn"/ "fleasg".

Càite a bheil sinn, a-rèiste? Tha an Greugais co-dhiù ag innse dhuinn gun do rinn Dia a h-uile càil "kalos" na àm fhèin, agus cuideachd gun do leag am Buachaille "kalos" sìos a bheatha às leth nan caorach. Mar sin, tha "deagh bhuil no rùin" an cois bàs a' Bhuachaille Mhaith. Tha an crann-ceusaidh yapheh יפה ("maiseach"/ "iomchaidh") na àm. Agus anns gach àm, gu sìorraidh. Ach cò as urrainn a leithid a dh'oillt a ghiùlan? Is cràdh cràdh. Ann an Getsemane ("Amar-brùthaidh ola") ghabh Crìosd eagal ron phèin ri tighinn. A-nis, is mi a' smaointinn mu dhèidhinn, is cinnte gun gabh dealachadh a dhèanamh eadar pian mar fhreastal truasail Dhè ("Do thoil-sa gu robh dèante"), agus pian tuaireamach falamh cruinne-cè an Dia-àicheir. 

A rèir na litir a-chum nan Romanach, tha an cosmos air fad "ag osnaich", "ann am pèin", is e fulang "dhìomhanas"/ "thruaillidheachd"/ "neo-chiallmhorachd" (Rom 8: 20-22). Ach canaidh an Crìosdaidh (gu h-àraid an Crìosdaidh Càilbhineach) ann an seagh "Chan eil an tinneas (cosmach) seo a-chum bàis, ach a-chum glòir Dhè, a-chum gum bi Mac Dhè air a ghlòrachadh da thaobh" (Eòin 11:4). 

Ach, a-rìst, is pian pian. Ghuil Iosa gu goirt aig uaigh Làsarais mionaidean mus d'àithn E do Làsaras a choiseachd a-mach às an dorchadas sin. Ged a bha cinnt aig Iosa gun rachadh cùisean gu math (gum biodh cùisean "OK" - 美好 měi hǎo air a' cheann thall), tha e soilleir nach do shaor am fiosrachadh sin E bho chràdh a' challdaich.

Uime sin, a rèir coltais tha na briathran uile seo air an sìneadh - air an sracadh - thar an comas ach an gabh iad a-steach fìrinn a tha dol thairis air an fhaclair (agus gu dearbh a tha dol thairis air an Tìm fhèin). Ar faclan mar phocannan plastaig mòr-bhùtha fosgailte nar làmhan critheanach, agus an fhìrinn mar each Dail Chluaidh na sheasamh air a' chunntair 's e a' diùltadh a phacaigeadh le sitrich, sèidrich agus stampadh nan cas mòra ud. 

Is ann air bunait sheiciularach (< Laideann "saeculum", cf "saoghalta") a tha ar comann-sòisealta Siarach stèite. Neo-dhiadhachd mar phrìomh cho-theacsa. Adhbharachas feallsanachail nua-Dharwineach mar bhun-sheasamh. Dealbhachadh tùrail na mhealladh-sùla. A' Bheatha na thubaist. Am bàs na lèir-sgrios. Rùn na rud "fèin-thogail". Gach tiota tuaireamach gu cùl. 

Calg-dhìreach an aghaidh seo, faodaidh an Crìosdaidh a bhi dòchasach man àm ri teachd, as bith dè cho dòrainneach 's a tha an là 'n diugh:
"Is beannaichte iadsan a tha ri bròn: oir gheibh iad sòlas" (Mata 5:4)
"Oir tha mi a' meas nach airidh fulangais na h-aimsir a tha an làthair a bhith air an coimeas ris a' ghlòir a tha gu bhith air a foillseachadh annainn"(Romanaich 8:18)
Treòraichidh am Buachaille Math sinn a-chum Àite Mhaith
"Agus beathaichidh an t-Uan a tha am meadhon na rìgh-chathrach iad, agus treòraichidh e iad gu beò-thobraichean uisge: agus tiormaichidh Dia gach deur on sùilean" (Taisbeanadh 7:17)
Is e co-theacs an rud as cudromaiche: 
"Rinn E gach nì maiseach na àm fhèin: chuir E mar an ceudna sìorraidheachd nan cridhe..." (Eclesiastes 3:11)
Saoilidh mi gu bheil dlùth-cheangal ann eadar "gach nì maiseach" agus "sìorraidheachd nan cridhe". An cois cnuasachaidh gu math fada, is e mo cho-dhùnadh fhèin nach urrainn dhomh gabhail ris an fhacal "maiseach" ud gu h-iomlan ach ann an seagh eascaiteòlach. Le sin is ciall dhomh nach urrainn dhan fhacal sin tarraing gu bunasach ach dhan fhìorachd fhulangach air a h-inntrigeadh 's air a teasairginn le Crìosd air a' chrann-cheusaidh. Fìorachd fhulangach sheasmhach (忍 rěn) (cuimhnich na h-ìomhaighean-facail Sìonach) le "sgian" (刃 rèn) air a tarraing mu dheireadh thall a-mach às a "cridhe" (心 xīn), agus na àite, a' leantainn Eclesiastes, tha (永 yǒng"sìorraidheachd na cridhe"

Tha na faclan mu dheireadh seo bho Eclesiastes aig cridhe feallsanachd Herman Dooyeweerd, a mhìneachas gu maiseach eirmseach co-theacsa Bìoballach seo an fhulangais:
"Ann an Crìosd, chan urrainn dha càil san t-saoghal chùlachail (Dhia-thrèigeach) a tha seo a dhol air chall. Chan eil pàirt sam bith dhen fhànas, chan eil beatha thìmeil sam bith, chan eil gluasad tìmeil no lùths tìmeil, chan eil cumhachd, gliocas, maise, gràdh, creideamh no ceartas sam bith as urrainn dhan t-saoghal pheacach a chumail mar shealbh aige fhèin as aonais Chrìosd....Tha e gu tur taing do ghràs coitcheann Dhè ann an Crìosd gu bheil meadhanan sam bith air am fàgail san t-saoghal thìmeil gus a bhith a' cur an aghaidh neart sgriosail nan eileamaidean a fhuair ma sgaoil; gu bheil meadhanan ann fhathast a bhith dèanamh strì an aghaidh galair, gu bhith bacadh tinneasan-inntinn, gu bhith cur smaoineachaidh loidsigich an gnìomh, gu bhith sàbhaladh leasachaidh chultaraich bho dhol sìos ann am buirbe mi-chneasta, gu bhith ag altram cainnte, gu bhith gleidheadh comas a' chonaltraidh shòisealta, gu bhith seasamh an aghaidh mi-cheartais, agus mar sin air adhart. Tha na nithean uile seo nan toradh air obair Chrìosd, fiù 's mas do nochd E idir air an talamh. O thùs fhèin sheall Dia air A chruitheachd leagte ann an solas an Fhir-saoraidh."
(Herman Dooyeweerd, "Sgrùdadh Ùr air an Smuain Theoiriceil", Vol II, p 34)